Gàidhlig agus Conaltradh CertHE

Course code QP59

What is special about this course?

Tha an cùrsa seo air a dhealbhadh do dhaoine a tha reusanta comasach ann an Gàidhlig agus a tha ag iarraidh Gàidhlig a sgrùdadh gu h-àrd ìre ann an àrainneachd làn Ghàidhlig. Aig deireadh a’ chùrsa, bidh sibh deiseil gus cuspairean a sgrùdadh aig ìre oilthighe tro mheadhan na Gàidhlig agus gus gluasad air adhart dhan dàrna bhliadhna de na ceumannan BA agus BA(Urram) Gàidhlig aig OGE.

Anns a’ chùrsa seo, sgrùdaidh sibh litreachas na Gàidhlig, leasachadh na Gàidhlig, sgrìobhadh cruthachail (sgeulachdan goirid agus òrain), agus labhairt phoblach. Cuideachd, nì sibh sgrùdadh air a’ Ghàidhlig air fad, bho fhuaimneachadh gu gràmar, briathrachas, cleachdaidhean agus rèimean-cainnte foirmeil.

Aig deireadh a’ chùrsa seo, bidh sibh comasach Gàidhlig a bhruidhinn, a thuigsinn, a sgrìobhadh agus a leughadh le misneachd agus chun na h-ìre gur urrainn dhuibh làn phàirt a ghabhail ann an saoghal na Gàidhlig ann an Alba.

Special features

  • Dèan sgrùdadh air a’ Ghàidhlig gu h-àrd ìre ann an àrainneachd tur Ghàidhlig;
  • Leugh agus bruidhinn mu dheidhinn seachd nobhailean Gàidhlig;
  • Sgrìobh sgeulachdan, òrain agus aistean anns a’ Ghàidhlig;
  • Leugh altan sgoileireil air caochladh chuspairean;
  • Dealbh agus cuir an gnìomh dà iomairt Ghàidhlig air àrainn na colaiste;
  • Gabh pàirt ann an greis-ghnìomhachais Ghàidhlig fad trì seachdain.

Accommodation

We offer modern student accommodation at a number of our locations.

Entry requirements

  • 3 theisteanas Àrd-ìre aig ìre BBC no nas àirde
  • 2 A level aig ìre BC no nas àirde
  • Bhiodh e na b’fheàrr nam biodh Gàidhlig aig Àrd-ìre am measg nan teisteanasan agad
  • Bidh agad ri tighinn gu agallamh gus do chomas sa Ghàidhlig a mheasadh
  • Bidh aig cuid de na gheibh àitre air a' chùrsa seo ri dhol tro sgrùdadh PVG Disclosure, agus ri ballrachd a thoirt a-mach san Sgeama PVG, an cois aon mhodail shònraichte a tha na phàirt dheth
  • Nota: chan eil a chùrsa seo a gabhail ri tagraichean airson an ath bhliadhna; mar nach eil thu airson gabhail ris a chùrsa am bliadhna, bithidh agad ri ath-thagradh an ath bhliadhna. Brùthaibh air a cheangail airson fiosrachadh eile mu dàil-inntrigidh

 

 

Access routes

An Cùrsa Adhartais

Year 1 - CertHE

Modalan riatanach:

  • Gàidhlig a h-aon
  • Cultar nan Gàidheal
  • Saoghal na Gàidhlig 1
  • Litreachas: sgilean sgrùdaidh
  • Greis ghnìomhachais

Modalan roghainneil:

  • Annas-làimhe agus òrain Ghàidhlig 1
  • Teòiridh, cruthachadh and cothromachadh 1
  • Na meadhanan Gàidhlig
  • Sgeulachdan is òrain Ghàidhlig

How will I study my course?

  • Làn-uine
  • Pàirt-uine (le structar)
  • Ionnsachaidh sibh ann an clasaichean aghaidh-ri-aghaidh aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, no aig Colaiste a’ Chaisteil UHI ann an Leòdhas, an dà cholaiste aig cridhe choimhearsnachdan Gàidhlig.

How long will my course last?

  • Làn-ùine: Bliadhna @ 40 uairean gach seachdain
  • Pàirt-ùine: 2 bhliadhna @ 20 uairean gach seachdain

Tha an àireamh de dh’uairean gach seachdain a’ ciallachadh na h-àireimh iomlan de dh’uairean a bu chòir dhuibh cur seachad air a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach ùine a chuireas sibh seachad ann an òraidean agus an ùine agaibh fhèin a chuireas sibh seachad air obair agus rannsachadh fa-leth.

 

Where can I study my course?

  • Innse Gall
  • Sabhal Mòr Ostaig

Start date

  • An t-Sultain

Fees

Cìsean

Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach ann an Alba, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

Tha seo a’ gabhail a-steach

  • Nàiseantaich an AE le inbhe shuidhichte no ro-shuidhichte san RA,
  • Nàiseantaich EEA/Eilbheiseach le inbhe shuidhichte san RA
  • Nàiseantaich an EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte a tha ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.
 2021-222022-23
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna £1,285 £1,285
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 3 x 20 creideas) gach bliadhna £645 £645
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) £215 £215

Oileanaich eile na RA

Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, a’ gabhail a-steach Eileanan a’ Chaolais agus Eilean Mhanainn) agus aig a bheil seòladh rè teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

 2021-222022-23
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna £6,915 £7,110
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 3 x 20 creideas) gach bliadhna £3,457 £3,555
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) £1,153 £1,185

Tha cìsean rim pàigheadh ro làimh gach bliadhna acadaimigeach mura h-aontaichear a chaochladh.

Tha grunn froghainnean maoineachaidh rim faighinn le oileanaich na RA gus do chuideachadh le bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus do chosgais bith-beò fhad ‘s a tha thu ag ionnsachadh.

Oileanaich eadar-nàiseanta

Airson oileanaich nach àbhaist a bhith a’ fuireach san RA, a’ gabhail a-steach nàiseanaich an EU/EEA agus Eilbheis gun inbhe stèidhichte no ro-shuidhichte san RA, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

Tha seo a’ toirt a-steach nàiseantaich EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte nach eil ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.

 2021-222022-23
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna £7,230 £7,440
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) £1,205 1,240

Chan eil sgrùdadh pàirt-ùine fosgailte do dh’ oileanach eadar-nàiseanta a dh’ fheumas taic-airgid bhìosa Slighe Oileanach airson ionnsachadh san RA.

Funding

Dh'fhaodar sgoilearachdan is taic airgid a bhith ri fhaotainn. Cuir fios chun na colaiste airson tuilleadh fiosrachaidh.

What can I do on completion of my course?

Aon uair ’s gun coilion thu an CertHE ann an Gàidhlig agus Conaltradh, faodaidh gum bi ùidh agad anns na dreuchdan a leanas:

  • Teagasg
  • Na meadhanan
  • Ceòl traidiseanta
  • Leasachadh cànain is coimhearsnachd

Can I progress into further study?

Tha an CertHE ann an Gàidhlig agus Conaltradh a’ leigeil leat dol air adhart ris na cùrsaichean a leanas:

Is there more information available online?

QR Code - scan to visit course page

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Conaltradh CertHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2023

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.